Fèisean nan Gàidheal

Call Directions Website Contact the organisation

Fèisean nan Gàidheal Buidheann-taic nam Fèisean - a' toirt ar dualchais do ar n-òigridh. Gaelic arts for young people.

BEURLA GU H-ÌOSAL/ENGLISH BELOW

Bha Fèisean nan Gàidheal air a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. ‘S e buidheann le ballrachd a th’ ann a tha a’ tairgse iomadh seirbheis a’ gabhail a-steach taic le tabhartasan, trèanadh, àrachas agus iasadan ionnstramaidean. 'S e companaidh earranta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, clàraichte ann an Alba SC130071. ‘S e Buidheann Charthannais Albannaich a th’ ann, àireamh SC002040, maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha mu 13,000 duine òg a’ gabhail pàirt gach bliadhna ann an tachartas a tha a' faighinn taic bho Fèisean nan Gàidheal, 6,300 den àireamh sin a’ gabhail pàirt anns na Fèisean fhèin. Tha mu 4,800 a’ gabhail pàirt ann an clasaichean Iomairt Ciùil an Òigridh a bhios Fèisean ionadail a’ cur air dòigh, tro chunnradh le Comhairle na Gàidhealtachd. Tha Fèisean nan Gàidheal a’ leantainn air a’ toirt taic don Chompanaidh Theatar Meanbh-chuileag, a bhios a’ dol timcheall nan sgoiltean le deilbh-chluich a bhios a’ cur cudrom air dualchas agus eachdraidh na Gàidhlig agus bho 'm bi mu 2,000 a’ faighinn buannachd. Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd an urra ris an fhèis Bhlas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus an Lìonra Adhartachaidhean Ealain, agus tha iad cuideachd a’ toirt taic do dh'Fhèisean a tha a’ cur air adhart Cèilidhean air Chuairt a bhios a' cluich air beulaibh mu 10,000 neach gach bliadhna.

-----------------------------------------------------------------

Fèisean nan Gàidheal was established in 1991 as the independent umbrella association of the Fèis movement. It is a membership organisation that offers a range of services to its members including grant-aid, training, insurance, and instrument loans. Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, registered number SC130071. It is a Scottish Charity, number SC002040, funded by Creative Scotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council and Highlands & Islands Enterprise. Around 13,000 young people annually participate in activities supported by Fèisean nan Gaidheal, 6,300 of which take part in the Fèisean themselves. Around 4,800 take part in Youth Music Initiative classes organised by local Fèisean, through a contract with The Highland Council. Fèisean nan Gàidheal continues to support the Meanbh-chuileag Theatre Company, which tours schools with plays focussing on Gaelic culture and history, from which around 2,000 benefit. Fèisean nan Gàidheal is also responsible for the running of the Blas Festival, in partnership with the Highland Council and the Promoters’ Arts Network, and also supports Fèisean that organise Cèilidh Trails which play to around 10,000 people annually.

Suas leis a' Ghàidhlig 💪Taisbeanadh Poblach @ Cultarlann Inbhir NisDisathairne | Saturday 07.11.26A' tòiseachadh | Start...
03/11/2026

Suas leis a' Ghàidhlig 💪
Taisbeanadh Poblach @ Cultarlann Inbhir Nis

Disathairne | Saturday 07.11.26
A' tòiseachadh | Starts 4.30pm
Tabhartasan | Donations to FnG on the door

Bheir dealbh-chluich ùr Meanbh-chuileag an luchd-èisteachd air turas tro sgeul na Gàidhlig ann an Alba, bho thùs a’ chànain chun an latha an-diugh, a’ comharrachadh a h-eachdraidh, a neart, agus an t-àm ri teachd. Mairidh an taisbeanadh seo mu 35 mionaid agus tha e freagarrach don a h-uile duine, ach ag amas gu h-àraid air clann ceann shuas na bun-sgoile ’s air adhart.

Thigibh ga fhaicinn aig Cultarlann Inbhir Nis Disathairne seo tighinn!

--

Meanbh-chuileag's latest production tells the story of Gaelic in Scotland up to the present day, celebrating its history, resilience, and future. This 35-minute long performance will be delivered in Gaelic and is suitable for all, though particularly aimed at upper primary to adult.

Catch it at Cultarlann Inbhir Nis this Saturday afternoon!

Seo ceisteachan cudromach le Alba Chruthachail a tha fosgailte suas gu Diciadain 11 Samhain. Creative Scotland are curre...
03/11/2026

Seo ceisteachan cudromach le Alba Chruthachail a tha fosgailte suas gu Diciadain 11 Samhain.

Creative Scotland are currently running this important survey and is open until Wednesday 11 November. It only takes 5 minutes or so to complete and is anonymous.

🙌 Have your say | Survey on neurodiversity in the Scottish music sector

We want to have a better understanding of what it's like to work in the Scottish music sector as a neurodivergent person, so that funding and opportunities can work better for you.

This is a first step in an ongoing conversation that is looking to develop more effective support, and there are no right or wrong responses.

The survey is completely anonymous, and should take about 5–7 minutes.

It will be open until 5pm on Wednesday 11 November.

Link in the comments ⬇️

Ma bhios ùidh agad ann an obair mar chleasaiche anns na dealbhan-cluiche Gàidhlig a th’againn do sgoiltean no ma bhios ù...
30/10/2026

Ma bhios ùidh agad ann an obair mar chleasaiche anns na dealbhan-cluiche Gàidhlig a th’againn do sgoiltean no ma bhios ùidh agad ann an obair a’ teagasg dràma mar chuspair aig Fèis no bùthan-obrach dràma lìbhrigeadh aig sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig, bhiodh e fìor mhath nan leigeadh tu fios dhuinn le bhith lìonadh an fhoirm-iarrtais againn. Gheibh thu lorg air aig feisean.org/cothroman/ no le bhith sganadh a' chòd QR air a' phostair.

If you’re a Gaelic speaker and you’re interested in work as an actor in the Gaelic plays we offer to schools or if you’re interested in teaching drama as a subject at a Fèis or delivering drama workshops for Gaelic medium schools it would be great if you could let us know by completing the application form which you can find by scanning the QR code on the poster or by visiting feisean.org/en/opportunities/

Iarrtasan a' dùnadh a dh' aithghearr - gabhaibh an cothrom! 😍
28/10/2026

Iarrtasan a' dùnadh a dh' aithghearr - gabhaibh an cothrom! 😍

📣TACHARTAS CÒMHNAIDH ÙR | NEW RESIDENTIAL PROJECT📣‘S i Fèis chòmhnaidh ùr a th’ ann an CRUINN CÒMHLA, a bheir buidheann ...
25/10/2026

📣TACHARTAS CÒMHNAIDH ÙR | NEW RESIDENTIAL PROJECT📣
‘S i Fèis chòmhnaidh ùr a th’ ann an CRUINN CÒMHLA, a bheir buidheann de Ghàidheil òg cruinn còmhla san Eilean Sgìtheanach fad 4 latha, 13 – 17 Gearran 2027. Faicear an sanas airson foirm-iarrtais

CRUINN CÒMHLA is a new residential Fèis bringing together young Gaelic in the Isle of Skye over 4 days, 13 - 17 February 2027. Application forms at the link and QR code in the poster.
Bòrd na Gàidhlig Creative Scotland

Tha an ceann-là dùnaidh airson an dàrna chuairt de Maoin nan Ealan Gàidhlig air fàire.Feuch gum faigh sibh ur n-iarrtasa...
19/10/2026

Tha an ceann-là dùnaidh airson an dàrna chuairt de Maoin nan Ealan Gàidhlig air fàire.

Feuch gum faigh sibh ur n-iarrtasan thugainn ro Dhihaoine 13 Samhain 2026.

The closing date for the second round of this year's Maoin nan Ealain Gàidhlig fund is fast approaching.

Get your applications in before Friday 13 November 2026.

Please share
www.feisean.org/meg/

Maoin nan Ealain Gàidhlig is funded by Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig and administered by Fèisean nan Gàidheal.

Meanbh-chuileag air an rathad a-rithist le dealbh-chluich ùr a dh’innseas sgeulachd na Gàidhlig thar nan linntean, air a...
05/10/2026

Meanbh-chuileag air an rathad a-rithist le dealbh-chluich ùr a dh’innseas sgeulachd na Gàidhlig thar nan linntean, air a thoirt beò le Fearghas Rothach agus Grace Morton gus 40 bliadhna de FtMG a chomharrachadh.

—

Our theatre-in-education service for Second Level GME pupils, Meanbh-chuileag, is back on the road with a new play telling the story of Gaelic – its origins, its history and some of the efforts members of the community have made to encourage the use of the language over the years.

‘S ann à Dùn Èideann a tha Ròsaidh, is tha dàimhean làidir aice ris a’ Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta bho taobh a màth...
29/09/2026

‘S ann à Dùn Èideann a tha Ròsaidh, is tha dàimhean làidir aice ris a’ Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta bho taobh a màthair. 🎶 Tha i a’ sgrùdadh Gàidhlig/Fiolm is TBh mar oileanach Oilthigh Ghlaschu, agus bidh i a’ cluich a’ chlàrsach is a’ seinn còmhla ri na GGs (Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu). 🪉 Tha i a’ gabhail pàirt ann am Fuaran airson òrain Ìleach a’ rannsachadh, gu h-àraid à sgìre Chille-Chomain, far an d’ fhuair a seanmhair a h-àrach. ✨

Le taing Mhaoin Dualchais a’ Chrannchur Nàiseanta, agus dhaibhsan a tha a’ chluiche an Crannchur Nàiseanta. 💛

Ròsaidh is from Edinburgh, and she has strong ties to Gaelic and traditional music from her mum’s side. 🎶 She studies Gaelic/Film & TV as a student of the University of Glasgow, and she plays the clàrsach and sings with the GGs (Glasgow Gaelic Musical Association). 🪉 She is taking part in Fuaran to learn more about Islay songs, specifically from the area of Kilchoman, where her grandmother was raised. ✨

Made possible with The National Lottery Heritage Fund, with thanks to National Lottery players. 💛

Rugadh is thogadh Sorcha ann am Barraigh, le ceòl traidiseanta is òrain Ghàidhlig mun cuairt oirre bho bha i òg. Tha i a...
28/09/2026

Rugadh is thogadh Sorcha ann am Barraigh, le ceòl traidiseanta is òrain Ghàidhlig mun cuairt oirre bho bha i òg. Tha i an-dràsta na h-oileanach aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc. Bidh i cuideachd a’ cluich na fìdhle, agus tha ùidh mhòr aice ann a bhith a’ rannsachadh agus a’ seinn òrain às an sgìre aice fhèin.

Tha Sorcha air a bhith an sàs sna Fèisean fad a beatha, a bharrachd air Còig Latha agus Cèilidh air Chuairt còmhla ri Fèis Latharna. Tha i a’ faicinn Fuaran mar an ath cheum gus barrachd ionnsachadh tro rannsachadh is taic bho mheantoraichean, agus òrain a thoirt beò a-rithist.
—
Sorcha grew up in Barra, surrounded by traditional music and Gaelic song. She is currently a pupil at the Plockton Music School. She also plays the fiddle and is particularly interested in researching and singing songs from her own community.

Sorcha has been involved in the Fèisean throughout her life, including Còig Latha and the Argyll Cèilidh Trail with Fèis Latharna. She sees Fuaran as the next step in learning more through research and mentoring, and bringing songs to life again.

Ma tha sibh ann an sgìre Nis agus airson cuideachadh a thoirt don Fhèis ionadail agaibh, carson 's nach tèid sibh ann?He...
28/09/2026

Ma tha sibh ann an sgìre Nis agus airson cuideachadh a thoirt don Fhèis ionadail agaibh, carson 's nach tèid sibh ann?

Head along if you live in the Ness area and would like to lend a hand at your local Fèis!

Address

Portree
IV519BZ

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Fèisean nan Gàidheal posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Organisation

Send a message to Fèisean nan Gàidheal:

Shortcuts

Share

Nearby non profit organisations