An Taigh Cèilidh

An Taigh Cèilidh Tigh-céilidh Steòrnabhaigh: Ionad Gàidhlig agus Cafaidh Coimhearsnachd. Carthannas SC054493.
🎻🪗🍰🥪☕🫖🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿
Gaelic Cultural Centre and Community Café.

Registered charity SC054493.

Tha pacaidean den chofaidh ‘Steòrnabhagh’  againn air an sgeilf. Tha 'Steòrnabhagh' a  còmharrachadh Iain MacSuain ( Iai...
10/06/2026

Tha pacaidean den chofaidh ‘Steòrnabhagh’ againn air an sgeilf. Tha 'Steòrnabhagh' a còmharrachadh Iain MacSuain ( Iain Iain 'An Duinn) a bha na mhàighstear sgoile ann an Sgoil na h-Airde, san Rubha aig aon àm.
Chur e air chois leasannan mararachd agus sgrìobh e sià leabhraichean, a bha feumail do d’ iomadh balach. Lean e air gu bhith gu mòr a lùib a bhith a stèidheachadh An Sgoil Mara-School of Navigation, nuair a chaidh a’ cholaiste a stèideachadh ann an Caisteal Leòdhais ann an 1953.

Seo a’ mhac Tarmod MacSuain aois 100.5 a tha fuireach an Ontario. Tha e fhèin agus an teaghlach taingeil, toilichte gun tug Heather Isle Coffee urram ga athar, iain MacSuain Sgoile na h-Airde. Chur e fhein s a nighean a d’ iarraidh ultach mòr de phacaidean Heather Isle Coffee airson an teaghlach a tha sgaipt air feadh Canada. Tha e a' cur na beannachdan gu daoine sam bith a tha eòlach air.

Clas Mhàighread Stiùbhart aig Sgoil Chiùil Steòrnabhaigh - Stornoway School of Traditional Music a raoir.Thug Maighread ...
09/06/2026

Clas Mhàighread Stiùbhart aig Sgoil Chiùil Steòrnabhaigh - Stornoway School of Traditional Music a raoir.
Thug Maighread thugainn CDs son a' bhuth san An Taigh Cèilidh a raoir cuideachd. Fhuair mi Pog, Togaidh mi mo Sheoltaidh , amhrain san sheann nòs a chòrdas ri Leòdhasaich agus gach Gaidheal eile.

Cuideachd Clar National.Tapestry le ceòl is àmhrain eilthireachd a chòrdas ri luchd turais.

'S e bha math an cèic, meal do naidheachd air do cho latha breith a' Mhaighread.

Tha  aig Feill ann an Dun Farlan an diugh agus a maireach leis na rudan a tha Aidan  air a dhealbh gan Taigh Ceilidh. Na...
07/06/2026

Tha aig Feill ann an Dun Farlan an diugh agus a maireach leis na rudan a tha Aidan air a dhealbh gan Taigh Ceilidh. Nach eil iad grinn.

'S e rinn am branding againn nuair a bha e na oileanach. Bidh sinn a taisbeanadh am bathar a tha air a dhealbh dhuinn a dh 'aithghearr san Taigh Coinneimh. Cumaibh ar suil a mach.

Tha ceangal againn ris a National Celtic Folk Festival an Portarlington an Astralia an diugh. Bidh amhran a bhithear a g...
06/06/2026

Tha ceangal againn ris a National Celtic Folk Festival an Portarlington an Astralia an diugh. Bidh amhran a bhithear a gabhail.aig am luadh air Na Lochan, ga sheinn le mnathan bhaile Portarlington. Dh'ionnsaich iad na rannan air loidhne bho Mhagaidh..

'Amhran Jasper 'le Seonaid NicChoinnich a Sheildinish.

B' og leam a chaidh tu seachad, bho bhratach na banruighinn..
Siud far robh na gillean sgoineil, de chlann Choinnich a bha iad.
Siud far robh na gillean ciatach, bha deich cheud air 'march' dhiubh..

Air an ceann an diugh am Portarlington tha Linn Phipps..

A measg na tachartas a bha aig Sgoilearan Àrd-sgoil MhicNeacail - Foghlam tron Ghàidhlig an de. Air an turas mun a bhail...
29/05/2026

A measg na tachartas a bha aig Sgoilearan Àrd-sgoil MhicNeacail - Foghlam tron Ghàidhlig an de. Air an turas mun a bhaile thainig 3 buidhnean thugainn sa Taigh Ceilidh son faighinn a mach de bha sinn ris. Thug Magaidh, Dylan. Innes, Rolo agus Anna, dhaibh blas de na tha dol an seo gach latha..

Sgioba Iomain Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu air thuras an Leodhas. A cluich Camanachd Leodhais an de. A deanamh treanadh le s...
28/05/2026

Sgioba Iomain Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu air thuras an Leodhas. A cluich Camanachd Leodhais an de. A deanamh treanadh le sgoilearan Sgoil Mhic Niceail an diugh.

Tha na lusan a tha fàs mun cuairt oirnn feumail airson ar slàinte. Bha an eòlas aig na seann daoine uaireigin ach tha e ...
26/05/2026

Tha na lusan a tha fàs mun cuairt oirnn feumail airson ar slàinte. Bha an eòlas aig na seann daoine uaireigin ach tha e an diugh air a dhol air dhith chuimhn'. Ach gheibh sibh a mach tòrr mu na tha fàs gu cumanta sna h eileanan bho eòlaiche. San sa Bheurla a bhios an tachartas seo. Rural Health Equity

Thainig CDs úr an diugh. Nam measg bha an earrain seo às an dualchas. Anna Nic Fhionghain à Griadhs. Laoidhean agus na h...
25/05/2026

Thainig CDs úr an diugh. Nam measg bha an earrain seo às an dualchas. Anna Nic Fhionghain à Griadhs. Laoidhean agus na h-àmhrain is àinmeil aig bàrd Cnoc Chusbaic. Uilleam MacChoinnich às an Rubha.

Tha sinn a luib Growing Heritage Futures part de Rural Health Equity. Tha am pròiseact ùr seo a’ cruinneachadh tips bho ...
21/05/2026

Tha sinn a luib Growing Heritage Futures part de Rural Health Equity. Tha am pròiseact ùr seo a’ cruinneachadh tips bho croitearan a tha a toirt fàs air bunàta, sneap agus glasraich eile. A toirt an eòlas sin seachad gan ghinealach ùr a tha mothachail gun biodh e ciallach a bhith toirt fàs air am biadh fhein. Chaidh an fream a tha seo a thogail aig Kinloch Historical Society/Seann Sgoil Bhaile Ailein.

Dihaoine bidh cothrom ann faighinn a mach mu lusan a tha fàs mun cuairt a sgìre a tha feumail ga slainte dhaoine.

Tha am bunàta a nis ri chur agus ma tha sibh eòlach air prigeadh no nach eil, chuireadh an buidheann Grow Lochs failte chridheil oirbh.

Address

16 Sràid Na H-Eaglaise
Stornoway
HS12DH

Opening Hours

Monday 10am - 5pm
Tuesday 10am - 5pm
Wednesday 10am - 5pm
Thursday 10am - 7:30pm
Friday 10am - 5pm
Saturday 10am - 5pm

Telephone

+441851441375

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when An Taigh Cèilidh posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Organisation

Send a message to An Taigh Cèilidh:

Share