14/09/2026
An cuala tu mu dheidhinn 'Lapach gu Siùbhlach' fhathast? 'S e LguS ar buidheann do luchd-labhairt lapach - feadhainn a bha fileanta gu leòr, ach a chaill beagan de mhisneachd is sgilean on uairsin. Nam bu mhath leat do chuid Gàidhlig a thogail a-rithist, cuir fios thugainn is thig an sàs, bidh thu am measg charaidean!
Tha seo freagarrach
🌟 Do dhaoine aig a bheil Gàidhlig on ghlùn a tha car meirgeach / nach eil cho misneachail sna sgilean aca
🌟 Dhan fheadhainn a chaidh tro FtMG ach nach do chleachd mòran Gàidhlig on uairsin
Have you heard of "Lapach gu Siùbhlach" yet? It's our group for lapsed speakers - those who used to be fluent or semi-fluent, whether through growing up with the language in the home or going to GME, but have lost some skills and confidence since. If this is you, and you'd like to regain fluency and confidence among folks in a similar situation to you, let us know and come along to our sessions!
Cuairt threòraichte tro mheadhan na Gàidhlig, mar phàirt den trèanadh dualchais aig Cùm Alba Bòidheach, ach fosgailte do duine sam bith aig a bheil Gàidhlig (gu leòr) is ùidh ann an eachdraidh is àrc-eòlas.
🌟Cuairt den chladhachadh àrc-eòlais ann am Baile a' Ghobhainn
🌟Cothrom tadhal air na tachartasan eile a bhios ann mar phàirt den Fhèill Lòchlannach aig na Govan Stones!
Bidh ar cuairt tro mheadhan na Gàidhlig, ach bidh cothroman ann cuairt sa Bheurla fhaighinn bho na saor-thoilich aig na Govan Stones tron dheireadh-sheachdain air fad.
~~~
Gaelic guided tour of the archeological excavations at the Govan Stones/Govan Old Parish Church! Open to all and free of charge. Please note our tour will be in Gaelic only, however you are welcome to visit the site all weekend and attend the many events on offer as part of the Govan Viking Festival!