Cnoc Soilleir

Cnoc Soilleir Ionad airson Gàidhlig, foghlam, cultar & ceòl ann an Uibhist a Deas! Com-pàirteachas sònraichte eadar Ceòlas & UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Centre for excellence for Gaelic language, culture and learning in South Uist.

16/06/2026

Mòran taing Keith, deagh chomhairle!
Many thanks Keith, good advice!

Tha Cnoc Soilleir Earranta toilichte innse gu bheil an obair togail air an dàrna ìre dhen phròiseact againn ann an Dalab...
15/06/2026

Tha Cnoc Soilleir Earranta toilichte innse gu bheil an obair togail air an dàrna ìre dhen phròiseact againn ann an Dalabrog, Uibhist a Deas a-nis air a chrìochnachadh leis an togalach air a ghabhail a-null bho chompanaidh MhicAonghais Earranta.
Thuirt cathraiche bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir Earranta, Ailig O’Henley: “As leth bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir, bu toil leam ar taing a thoirt dhan h-uile duine a tha air obrachadh no air cur ris an dara pàirt dhen togalach. Tha an obair chruaidh san dealas aig companaidh togail MhicAonghais Earranta gu sònraichte a’ ciallachadh gun deach againn air an talla ùr a chrìochnachadh ann an deagh àm, air buidseat ach cuideachd gu ìre fìor àrd. Tha sibh air sàr obair a dhèanamh."

“Tha Cnoc Soilleir a-nis a seasamh gu pròiseil os cionn Dhalabroig, agus mar a tha an t-ainm a toirt fa near, tha mi an dòchas gum bidh e na lòchran dhan h-uile duine aig a bheil meas air a’ Ghàidhlig, air a ceòl sa cultar - an dà chuid an seo an Uibhist a Deas agus nas fhaide air falbh - airson bliadhnaichean mòra ri thighinn. Mo bheannachd oirbh uile agus tapadh leibh."

Tha an iomairt gus ionad sònraichte a thogail airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas air a bhith a ruidh fad sia bliadhna fichead, agus tha an togalach ùr a tairgsinn talla cluiche le dà cheud àite suidhe, stiùideo dannsa, seòmraichean deasachaidh agus siostam lèir-chlaistinn a tha suas ris an uair. Tha an leasachadh a’ leudachadh air na goireasan a th’ ann an Cnoc Soilleir mar-thà agus air na cothroman a bhios na luib dha na com-pàirtichean againn, Ceòlas agus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a thuilleadh air buidhnean is daoine eile a gheibh buannachd an cois a’ ghoireas leudaichte.

Thuirt Daibhidh MacAonghais bho chompanaidh togail Mhic Aonghais Earranta: “Tha sinn gu math moiteil an leasachadh seo a thoirt gu buil agus tha an togalach mar fhianais air dealas is obair chruaidh a h-uile duine a bha na luib. Tha a’ chlach-mhìle seo a’ comharrachadh deireadh slighe gu math fada, bho bhith a togail a’ Chiad Ìre an teas mheadhain COVID agus na duilgheadasan a bha na chois, gu bhith a’ sìneadh an togalach chrìochnaichte a-null gu Cnoc Soilleir air an 9mh latha dhen Òg-mhìos 2026. Bu chòir dhan sgioba gu lèir a bhith gu math moiteil às an obair a rinn iad.”

Tha an ath chaibideil ann an sgeulachd Chnoc Soilleir a-nis a’ tòiseachadh.
Tha Cnoc Soilleir airson ceud taing a thoirt dhan luchd-ùidhe agus an luchd-maoineachaidh againn, a thuilleadh air an sgioba nas fharsainge sa choimhearsnachd a chuir earbsa anns an lèirsinn againn ’s tha a th’air a bhith cho cudromach ann a bhith a’ toirt a’ phròiseact gu buil. Gu seachd àraid tha sinn airson taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba, HIE, CnES agus Bòrd na Gàidhlig, na h-ailltirean John Renshaw agus buill coimhearsnachd Uibhist a Deas.

Cnoc Soilleir Limited is pleased to announce the handover of Phase 2 of its capital project in Daliburgh, South Uist, by main contractor MacInnes Bros Ltd.
Chair of the Cnoc Soilleir Ltd Board, Alex O’Henley, said: “On behalf of the Cnoc Soilleir Board, I would like to extend our sincere thanks to every individual who has contributed to Phase 2 of this building project. The hard work and dedication of MacInnes Bros Ltd in particular has ensured that this auditorium has been completed on time, on budget and to an exceptionally high standard. It is a magnificent achievement. Cnoc Soilleir now stands proudly above Daliburgh and, as its name suggests, I hope it will serve as a beacon of light and opportunity for all who cherish the Gaelic language, music and culture—here in South Uist and far beyond—for many years to come. Tapadh leibh uile.”

Bringing to life a 26-year-long vision for a dedicated centre for music, dance and Gaelic culture in South Uist, the new extension includes a bespoke 200-seat performance space, a specialist dance studio, green rooms and rehearsal spaces, all supported by a state-of-the-art audiovisual system. The development significantly expands the potential of Cnoc Soilleir’s existing facilities for its joint venture partners, Ceòlas and UHI North, West and Hebrides, as well as all the others who will benefit from this exemplary space.

David MacInnes of MacInnes Bros Ltd said: “We are extremely proud of the completed development, which stands as a testament to the dedication and hard work of everyone involved. This milestone marks the end of a long journey—from delivering Phase 1 during the constraints of the COVID pandemic to the final handover of the completed building on 9 June 2026. The entire team should take great pride in what has been achieved.”

The next chapter for Cnoc Soilleir begins here.

Cnoc Soilleir also extends its thanks to its stakeholders and funders, and all our other supporters and wider team, who bought into our vision and whose support has been instrumental in bringing the project to completion. Most notably: Scottish Government; Highlands and Islands Enterprise, Comhairle nan Eilean Siar, and Bòrd na Gàidhlig; John Renshaw Architects; and members of our South Uist Community.

13/06/2026

Tha ceud cabhag air a h-uile duine an talla ùr fhaicinn agus fheuchainn. Seo .uist agus a' cluich port airson sgioba togail MhicAonghais 's iad a' cuir crìoch air an obair togail.

Everyone is keen to test the new space .uist (Shona Morrison) give the MacInnes team a tune as they finish off the last bits of the build.

Tha Sgoil Dhalabroig air an togalach a leantail bho bhun gu bàrr; mar sin bha iad air an dòigh glan na suidheachain ùra ...
12/06/2026

Tha Sgoil Dhalabroig air an togalach a leantail bho bhun gu bàrr; mar sin bha iad air an dòigh glan na suidheachain ùra fheuchainn agus na dannsairean a' gabhail chun an ùrlair airson Highland Fling a dhèanamh.

Sgoil Dhalabroig have followed our progress from the start so it was good to let them be the first to test out new seats and for their dancers to check out our sprung floor.

10 An t-Ògmhios 2026Bha sinn toilichte an talla ùr againn a shealltainn do Stephen Flynn, Rùnaire a' Chabineat airson na...
11/06/2026

10 An t-Ògmhios 2026
Bha sinn toilichte an talla ùr againn a shealltainn do Stephen Flynn, Rùnaire a' Chabineat airson na h-Eaconamaidh, Turasachd agus Còmhdhail, a bha a' coinneachadh ri luchd-gnothaich ionadail aig Cnoc Soilleir. Thadhail e cuideachd air a' Chidsin Ceilidh againn gus bruidhinn ri na bha an làthair.

10 June 2026
We were delighted to be able to show off our new facilities to Stephen Flynn ,MSP Cabinet Secretary for Economy, Tourism and Transport, who was based in Cnoc Soillier for the day, meeting local businesses and organisations. He was also able to attend our Cidsin Ceilidh and address everyone here.

Na thosgaire mòr airson Uibhist, Gàidhlig agus Pìobaireachd
07/06/2026

Na thosgaire mòr airson Uibhist, Gàidhlig agus Pìobaireachd

Tha sin a coimhead air adhart ris a seo
04/06/2026

Tha sin a coimhead air adhart ris a seo

Airson an t-samhraidh bidh sinn a’ cumail seiseanan Ceòl sa Lasag air Diciadain 1f gu 2f.  Tì mar as àbhaist, ceòl, òrai...
01/06/2026

Airson an t-samhraidh bidh sinn a’ cumail seiseanan Ceòl sa Lasag air Diciadain 1f gu 2f. Tì mar as àbhaist, ceòl, òrain agus cabadaich.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith gar faicinn air Diciadain 3 Ògmhios

For the summer we are holding Ceòl sa Lasag sessions on Wednesdays 1pm to 2pm. Tea, tunes, songs and chat. We look forward to seeing you this Wednesday 3rd June

Address

Daliburgh, Isle Of South Uist
Daliburgh
HS85SS

Opening Hours

Monday 8:30am - 5pm
Tuesday 8:30am - 5pm
Wednesday 8:30am - 5pm
Thursday 8:30am - 5pm
Friday 8:30am - 5pm

Telephone

+441878790601

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Cnoc Soilleir posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Organisation

Send a message to Cnoc Soilleir:

Share