10/03/2026
TOPMARKS
www.gaelic.education/top-marks
Airson a’ chiad turas riamh, tha sreath de gheamannan didseatach a-nis ri fhaotainn air-loidhne airson piseach a thoirt air ionnsachadh ann am matamataig.
A’ co-obrachadh còmhla ri Topmarks, tha Stòrlann air toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air leasachadh sreath gheamannan, le ochd dhiubh beò agus rim faotainn airson an cleachdadh sa bhad, ann am foghlam Gàidhlig, le dùil gun lean barrachd gheamannan.
Tha a’ chiad fhoillseachadh a’ còmhdach grunn thopaigean àireamhachd mar luach àite, a’ cur àireamhan ann an òrdugh, an uair, airgead, cunntadh agus cumaidhean.
www.gaelic.education/top-marks